's iomadh là a rinn sinn suidhe
rinn sinn suidhe 's ghabh sinn smuaint
dè math bhi suidhe fàs nas aosd
's laithean earraich a' falbh bhuainn
 
chur sinn ar cànan na'ar cridhe
fhuair sinn òran 's rinn sinn seinn
thoir dhuinn làmh còmhnaidh 's seinnibh co-rinn
's le chèile togaidh sinne fonn
 
òg tha sinn òg
òg na ar cridhe
beatha na'r coinneamh
coinneal na'r làimh
's an againn tha neart
Is an againn tha 'n cothrom
nar cridhe gu bràth
tha sinn òg
òg
 
tha sibh mar na h-uain a's t-earrach
siubhal 's a leum, tapaidh, saor
ach an fhaca sibh na caoraich aosd'
nì aon dhuibh gluasad 's leanaidh 'n corr
 
nuair bhios na bliadhnaichean 'dol bhuaibh
lathan doirbh lathan dorch
cùm do choinneil an àrd is laiste
'c coisich an saoghal le cridhe òg
 
òg tha sinn òg
òg na ar cridhe
beatha na'r coinneamh
coinneal na'r làimh
's an againn tha neart
is an againn tha 'n cothrom
nar cridhe gu bràth
tha sinn òg
òg