bi mo leannan geal is àlainn le briathran geallaidh thar chaich bi sinn drùidhte an smùid an aoibhnis an oidhche phòsas mo rùn nam shuidhe cluinntinn ceòl a' rèitich 's duilich cur an aghaidh dàn a' feitheamh son a làmh a mhaireas an oidhche phòsas mo rùn tog glainne mhòr na slàinte thoir an cearcall chun an làr thèid sinn cuairt taobh cùil na gealaich an oidhche phòsas mo rùn tha i na seasamh aig a' rèiteach thèid na reultan bun os cionn 's thèid a ghrian air chall gu madainn an oidhche phòsas mo rùn togaidh sinn horo ghealaidh horo ghealaidh horo togaidh sinn horo ghealaidh horo ghealaidh horo