Thàinig iad à fada air falbh A saoghal eile thàinig iad dhan talamh A' falbh leat ged nach robh thu deònach 'S tusa nad phriosanach aig creutairean neònach "Neach-saidheans"? Na toir orm diobhairt! An turas seo 's tusa an iobhairt Ciamar a tha e a' còrdadh riut-sa a-nis? Ciamar a tha e a' còrdadh riut-sa a-nis? Sgrùdadh 2323 Trustair ann an cota geal Rinn thu sgrùdadh air iomadh beathach Ach a-nis glacte air an soitheach Trustair ann an cota geal A-nis tha thusa air a' bhòrd 'S iad a' dèanamh sgrùdadh ort Ciamar a tha e a' còrdadh riut-sa a-nis? Ciamar a tha e a' còrdadh riut-sa a-nis? Sgrùdadh 2323 "Cuiribh an t-inneal lasair suas a thòn agus dèanaibh sgrùdadh air!" Oi! Oi!