'S tric mi sealltainn bhon chnoc as àirde Feuch am faic mi fear a' bhàta An tig thu an-diugh no an tig thu a-màireach? 'S mura tig thu idir gur truagh a tha mi Tha mo chridhe-sa briste, brùite 'S tric na deòir a' ruith o'm shùilean An tig thu a-nochd no am bi mo dhùil riut? No an dùin mi an doras le osna thùrsaich? Fhir a' bhàta 's na ho ro eile Fhir a' bhàta 's na ho ro eile Fhir a' bhàta 's na ho ro eile Mo shoraidh slan leat, gach àit' an tèid thu Tha mo chridhe-sa briste, brùite 'S tric na deòir a' ruith o'm shùilean An tig thu a-nochd no am bi mo dhùil riut? No an dùin mi an doras le osna thùrsaich? 'S tric mi faighneachd de luchd nam bàta Am fac' iad thu no a bheil thu sàbhailt Ach 's ann a tha gach aon dhiubh gràitinn Gur gòrach mise ma thug mi gràdh dhut Fhir a' bhàta 's na ho ro eile Fhir a' bhàta 's na ho ro eile Fhir a' bhàta 's na ho ro eile Mo shoraidh slan leat, gach àit' an tèid thu Fhir a' bhàta!