'S iomadh oidhche fliuch 'is fuar Ghabh mi cuairt 'is mi leam fhìn Gus an d' ràinig mise 'n t-àit' Far an robh gràdh geal mo chridh' Bheir mi ò hu ò hò Bheir mi ò hu ò hì Bheir mi ò hu ò hò 'S mi fo bhròn 's tu gam dhìth Dhèanainn treabhadh dhuit is buan Chumainn suas thu gun dìth Bheirinn as a' ghreabhal chruaidh Do mo luaidh teachd an tìr Bheir mi ò hu ò hò Bheir mi ò hu ò hì Bheir mi ò hu ò hò 'S mi fo bhròn 's tu gam dhìth Ged nach eil sinn fhathast pòsd' Tha mi'n dòchas gum bi Fhad' 's a mhaireas mo dhà dhòrn Cha bhith lòn oirnn a dhìth Bheir mi ò hu ò hò Bheir mi ò hu ò hì Bheir mi ò hu ò hò 'S mi fo bhròn 's tu gam dhìth