I ri dhiu o ro hu o
I ri dhiu o ro eile
I ri dhiu o ro leannain
Se bu mhath leam bhith reidh riut

Bha am brathair a b'fhaisg ort
Dha do choimhead 's tu nad eiginn
'S ann a direadh na bruthaich
'S ann a rug iad air m'eudail
  	 
'Sann a' direadh na bruthaich
'Sann a rug iad air m'eudail
'Sann a direadh a' gharraidh
Leig mo ghradh a cheud eibhe
  	 
'Sann a direadh a' gharraidh
Leig mo ghradh a cheud eibhe
Thuirt am brathair bu shine
"Leig na sginean gu cheile"
  	 
Thuirt am brathair bu shine
"Leig na sginean gu cheile"
Thuirt am brathair a b'oige
"Chan i choir, ach 's i'n eucoir"
  	 
Tha mo mhollachd aig mo phiuthair
Gruagach bhuidh' an fhuilt ghie-ghil
'S i a dh'innis do m'bhraithrean
Thu bhith air airigh a Cheitinn

I ri dhiu o ro hu o
I ri dhiu o ro eile
I ri dhiu o ro leannain
Se bu mhath leam bhith reidh riut