Gur duilich leam mar tha mi
'S mo chridhe 'n sas aig bron
Bhon an uair a dh'fhag mi
Beanntan ard a'cheo
Gleanntannan a'mhanrain
Nan loch, nam bagh 's nan srom
'S an eala bhan tha tamh ann
Gach la air 'm bheil mi 'n toir

A Mhagaidh na bi tursach
A ruin, ged gheibhinn bas
Co am fear am measg an t-sluaigh
A mhaireas buan gu brath?
Chan eil sinn uile ach air chuairt
Mar dhithein buaile fas
Bheir siantannan na blianna sios
'S nach tog a'ghrian an aird

Tha 'n talamh leir mun cuairt dhiom
'N mheallan suas 's na neoil
Aig na 'shells' a'bualadh
Cha leir dhomh bhuam le ceo
Gun chlaisneachd aig mo chluasan
Le fuaim a'ghunna mhoir
Ach ged tha 'n uair seo cruaidh orm
Tha mo smuaintean air NicLeoid

Air m'uilinn anns na truinnsichean
Tha m'inntinn ort, a ghraidh
Nam chadal bidh mi a'bruadar ort
Cha dualach dhomh bhith slan
Tha m'aigne air a lionadh
Le cianalas cho lan
'S a' ghruag a dh'fhas cho ruadh orm
A nis air thuar bhith ban

Oidhche mhath leat fhein, a ruin
Nad leabaidh chubhraidh bhlath
Cadal samhach air a chul
Do chusgadh sunndach slan
Tha mise 'n seo 's an truinnsidh fhuar
'S nam chluasan fuaim a' bhais
Gun duil ri faighinn as le buaidh
Tha 'n cuan cho buan ri shnamh